Ar Cànan ‘s ar Clò

Ar Cànan ‘s ar Clò Our Tongue and Our Tweed
le Anne Frater by Ann Frater
Bha bodach na mo bhaile There was an old man in my village
aig an robh beairt, who had a loom,
agus leis a’ bheairt and with his loom
dhèanadh e clò, he would make tweed,
agus chaidh aodach and clothes were made
a dhèanamh den chlò, from the tweed,
agus bhiodh na daoine and the people
a’ cur orra ‘n aodaich – would wear the clothes
aodach tiugh trom a chumadh blàth iad. thick, heayy clothes that would keep them warm.
Ach thàinig fear eile, But another man came,
fear na b’ òige, a younger man,
fear nach buineadh don bhaile, one who was not a native of the village
agus bha beairt ùr aige and he had a new loom
agus snàth ùr – and new yarn –
dathan air an goid bhon bhogha-froise – colours stolen from the rainbow –
agus aodach tana, lom, and thin, smooth cloth
agus àlainn, ann am beachd nan daoine. which the people found beautiful.
Chum am bodach air The old man carried on
leis an t-seann bheairt with the old loom
ach bha na daoine òg but the young folk
a’ fanaid air, laughed at him,
agus cheannaich iad uile and they all bought
nan beairtean ùra, the new looms, and
agus thòisich iad a’ dèanamh they began to make
nan clòitean ‘ira, the new cloth,
agus cha robh dragh aca and they did not care
mu dheidhinn a’ chlò for the tweed
air beairt a’ bhodaich. on the old man’s loom.
Ach, an dèidh ùine But, after a while,
thàinig an geamhradh winter came
agus cha chumadh an t-aodach lom and the smooth cloth
le na snàithtean brèagha with the lovely threads
agus na dathan soilleir and the bright colours
a-mach am fuachd, could not keep out the cold,
agus cha robh feum and the new looms
anns na beairtean ùra. were useless.
Lorg iad am bodach They sought the old man
agus chunnaic iad a’ bheairt, and they saw his loom,
agus chunnaic iad an clò, and they saw the tweed,
ach cha b’urrainn dhaibh and they were unable
a’ bheairt obrachadh, to work the loom
oir bha i air fàs meirgeach because it had rusted
agus bha am bodach marbh. and the old man was dead.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: